Ceann Loch Seile air na Sgitheanaich a chur a-mach à Cupa Valerie Fhriseil
Chaidh Ceann Loch Seile air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil nuair a rinn iad an gnothach air na nàbaidhean aca às an Eilean Sgitheanach Didòmnhnaich.
Ann an geama a chaidh a ghluasad bho Rèaraig gu Caol Àcainn, 's iad na Sgitheanaich a chaidh air thoiseach tràth le tadhal bho Donna NicCoinnich.
Sin mar a dh'fhuirich cùisean gu domhain a-steach dhan dàrna leth, ach le beagan mhionaidean air fhàgail chuir Lorna NicRath am ball dhan lìon is bha na sgiobaidhean co-ionann.
Chuir sin spionnadh ann an Ceann Loch Seile agus gu sgiobalta bha iad air thoiseach tro Rhianna Kirk.
A dh'aindeoin oidhirpean nan Sgitheanach anns na mionaidean mu dheireadh cha b' urrainn dhaibh tadhal fhaighinn is chaidh Seile air adhart 2-1.
Bidh Ceann Loch Seile a-nise an aghaidh GMA san iar-chuairt dheireannaich air an 26mh den Iuchar.
Bidh Bàideanach an aghaidh Loch Abair sa gheama eile - ath-chluich den chuairt-dheireannaich a bh' ann an-uiridh.
Bha aona gheama ann am Prìomh Lìog nam ban air an deireadh-sheachdain is chrìochnaich e 2-2 eadar Gleann Urchadain is Loch Abar, rud a tha cha mhòr gu cinnteach a' cur às do dhòchas sam bith a bh' aig na h-Abraich greim a chumail air an tiotal.
Ann an iomain nam fear Disathairne bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich a-rithist is am blàr eatorra 'son an tiotail a' leantainn.
'S e 7-0 a bh' ann dhan Bhaile Ùr ann an Drochaid an Aonachain agus 3-1 do Cheann a' Ghiùthsaich aig an taigh an aghaidh Cheann Loch Seile.
San aon gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Camanachd an Òbain an gnothach 5-1 air Cabar Fèidh.
Tha Lòbhat sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhàile Mhòir às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air na nàbaidhean aca a' Mhanachainn.
Thàinig na tadhail san 20 mionaid mu dheireadh bho Graeme MacMhaolain is Sergio MacThòmais.
Rinn Inbhir Aora adhartas ann an Cupa a' Bhaile Mhòir cuideachd.
Rinn iad a' chùis 5-3 air Eilean Bhòid is na Bòdaich air tilleadh gu 4-3 sa gheama sin às dèidh a bhith 4-0 air dheireadh.
Bidh Inbhir Aora a-nise an aghaidh Chill Mhàilidh Disathairne seo tighinn 'son àite sa chuairt dheireannaich an aghaidh Lòbhat.
